Ainmean-Àite na Comraich

Dachaigh

Fàilte don làraich Ainmean-Àite na Comraich. Tha e mar amas aig Comann Eachdraidh na Comraich an uiread de dh’ainmean-àite ann an sgìre na Comraich a chlàradh, a chur air map agus a sgaoileadh. Cha deach an darna leth de na h-ainmean air an làraich seo fhoillseachadh roimhe. Far a bheil e comasach dhuinn, tha sinn air beul-aithris, sgeulachdan is fiosrachadh a chur ris na h-ainmean. Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh.